Bidh mo leannan geal is àlainn
Le briathran geallaidh thar chàich
Bidh sinn drùidhe an smùid an aoibhnis
An oidhche phòsas mo rùn
Nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich
'S duilich cuir an aghaidh dàn
A' feitheamh son na làmh a' mhaireas
An oidhche phòsas mo rùn
Togaidh sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro togaidh
Sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro
Find More lyrics at www.sweetslyrics.com
Tog glainne mhòr na slàinte
Thoir an cearcall chun an làr
Thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich
An oidhche phòsas mo rùn
Tha i na seasamh aig a' rèiteach
Thèid na reultan bun os cionn
'S thèid a' ghrian air chall gu madainn
An oidhche phòsas mo rùn
Togaidh sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro togaidh
Sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro
Most searched Runrig lyrics :1) Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh 2) From The North 3) Book Of Golden Stories 4) Loch Lomand-Live 5) Ò Cho Meallt 6) May Morning 7) Hearts Of Olden Glory 8) Air an Tràigh 9) Cho Buidhe's A Bha I Riamh 10) Alba
You have to be logged in to add a comment to this song.
A Rèiteach lyrics @ elyricsworld.com
