Runrig - Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh Lyrics

Rate:


FICHEAD BLIADHNA

Ruith 'sa mhonadh
Ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
'Nar clann
Aig còig bliadhna dh'aois
'S gun facal beurla 'nar ceann

"Seo do leabhar
Sea do pheann
Dèan do leasan," thuirt iad riumsa
"Is gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sibh an adhart ann"

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Dh'ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan 's bàrdachd, bàrdachd Bheurla
Ceòl na Gearmailt
Eachdraidh na Spàinn
'S b'e sin an eachdraidh mheallt

Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlam, tuilleadh foghlam
Mar amadan air deireadh sreang
Seòrsa de dh'fhoghlam 'nam cheann
Find More lyrics at www.sweetslyrics.com

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise, 's fhuair mi lèine
Fhuair mi àite ann an sùilean dhaoin
Fada bhon mhonadh mi 'n-drasd'

Carson a chùm iad eadchraidh bhuainn
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas èirich clann nan Gàidheal suas
Le cèistean sireadh is cruaidh

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Nuair a thoisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shùilean
Obair olc

NA LUING AIR SEÒLADH

[Instrumental]
add to
My Songs

Email
Print




all lyrics add new lyrics correct this lyrics download txt
to [x]

Most searched Runrig lyrics :1) From The North 2) Ò Cho Meallt  3) Book Of Golden Stories 4) Loch Lomand-Live 5) Hearts Of Olden Glory  6) Air an Tràigh  7) May Morning 8) Àrd  9) Dè Nì Mi and Puirt  10) Cho Buidhe's A Bha I Riamh 

Comment:

Rating: CAPTCHA Image Reload Image



Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh lyrics @ elyricsworld.com
Top new lyrics :   Jesse Kaikuranta - Vie Mut Kotiin    Sara Bareilles - Sweet As Whole    Alina Devecerski - Flytta pa dej!    Dony - Mi Hermosa ft. Alex Mica    Quincy - Stay Awhile ft Kendre    YG - Pop It    MS MR - Hurricane    Silversun Pickups - Skin Graph    Cocorosie - We are on Fire    Elle Varner - Refill (Remix) ft Wale, T-Pain    Jadakiss - Street Knock Raspy ft Swizz Beatz, Asap Rocky    BTOB - Irresistible Lips    Victoria Justice - Make It In America    Sadiq - Ecke vom Nouga    KRIS - Diese Tage 

All lyrics are property and copyright of their owners. All lyrics provided for educational purposes only
Copyright © www.sweetslyrics.com Please read our Privacy policy - 0.0232s