Runrig

Runrig - Ò Cho Meallt lyrics

rate me

Nuair a bha sinn àg is saor

Thòisich sinn a seinn 'sa Ghàidhlig

Snìomh ceòl is a sgriobhadh òrain

'S a’ cluaich 'nar còmhlan 'son ar bheòshlaint

Ò cho meallt 's a tha an saoghal

Dh'fhàg sinn eileanan an iar

'S thòisich sinn a cluich tro Alba

Is bha gnothaichean mar bu chòir

Gun do nochd an duine mòr a Lunnain

Ò cho meallt 's a tha an saoghal

"Abair ceol a th'agaibh an seo

Ò nach tig sibh còmhla riumsa

Is nì sinn adhartas tron an t-saoghal

Dìreach cuir t-ainm aig bonn a' phàipear"

Ò cho meallt 's a tha an saoghal

"Chan atharraich mi an ceòl agaibh ann

Chan atharraich mi na h-òrain Ghàidhlig"

Ach chuala sinn mu dheireadh thall

Na briagan 's na faclan falamh

Ò cho meallt 's a tha an saoghal

Sibhse a tha òg agus saor

Stad mas cuir sibh ainm ri pàipear

Is cùm a mach sùil 'son nan daoine mòra

An saoghal fuar tha ag adhradh airgead

Ò cho meallt 's a tha an saoghal

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found